ulpan

Mu Ùlpan

'S e dòigh luath agus èifeachdach gus cànan ionnsachadh a th' ann an Ùlpan. Tha e air a bhith ga chleachdadh gu soirbheachail fad còrr is 50 bliadhna ann an Iosrael, far an deach an siostam a chruthachadh an toiseach, agus anns a' Chuimrigh, far a bheil Wlpan air mìlltean de luchd-ionnsachaidh a thoirt gu fileantas ann an Cuimris.

Gabhaidh na 324 uairean de theagasg a leantainn aig diofar astaran: bho naoi seachdainean ann an sreath gu 2.25 bliadhna. Anns a' char as fheàrr, chan eil nas lugha na dà sheasan de 1.5 uairean a thìde air làithean eadar-dhealaichte san t-seachdain ga mholadh, agus 's ann nas fheàrr fhathast a tha astar an adhartais, ma chuireas an neach-ionnsachaidh a chuid eòlais gu feum còmhla ri daoine eile gu glè thric.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach cuir thu fios do Chùrsaichean agus Clasaichean.

Trèanadh Oidean

Duine sam bith a tha miannach air Ùlpan a theagasg, tha aige ri cùrsa-trèanaidh an oide a thoirt gu buil ro-làimh. Tha seo na chùrsa a chaidh cruthachadh gu sònraichte gus na sgilean practigeach ionnsachadh a tha riantanach ri teagasg. An-dràsta, tha an cùrsa ga thabhann mar dà latha de thrèanadh-sgilean agus an uair sin, sia làithean de theagasg còmhla ri fìor chlas, agus bidh seo ga mheasadh. Às dèidh a' chùrsa, tha e comasach do dh'oide clàraichte a bhith ga fhastadh air a cheann fhèin, no airson clasaichean a lìbhrigeadh às leth bhuidhnean san roinn phoblaich a leithid de cholaistean agus de dh'ùghdarrasan ionadail.

Airson barrachd fiosrachaidh mu thrèanadh-oide, nach cuir thu fios do Thrèanadh Oidean.