ulpan

Ionnsachadh

'S e th' ann an Ùlpan ach dòigh mhath, luath gus cànan ionnsachadh. Tha e air a bhith ga chleachdadh gu soirbheachail fad còrr is 50 bliadhna ann an Iosrael, far an deach an siostam a chruthachadh an toiseach.

Tha clasaichean Ùlpan gan cumail aig diofar bhuidhnean, agus aig daoine a tha ag obair air an ceann fhèin. Mar sin, bidh a' phrìs ag atharrachadh a-rèir nan cosgaisean (a leithid àite-fuirich) no ma bhios subsadaidh ri fhaighinn.

Tabhartais ILA Gabhaidh ILAs a chleachdadh le Ùlpan. Tadhail air an làrach-lìn ILA no cuir fòn gu 0808 100 1090 son tuilleadh fiosrachaidh. CUDROMACH - Clàraich an-diugh fhèin gus am bi an cùnntas agad air dòigh ann an deagh àm. Às dèidh tòiseachadh a' chùrsa, chan fhaod solaraiche an ILA a thoirt bhuat mar phàigheadh.

Dh'fhaoidte gum faigh thu taic-airgid bho ILA Scotland ma tha thu a' cosnadh nas lugha na £22,000 sa bhliadhna. Airson tuilleadh fiosrachaidh air ILAs, rach gu www.ilascotland.org.uk

Tha clasaichean Ùlpan a-nise gan cumail air feadh na h-Alba. Tha liosta de na clasaichean an seo. Ma tha thu airson clas a lorg nad sgìre, no airson 's gun tòisich fear, nach leig thu fios thugainn. Bhiodh e uabhasach math cluinntinn bhuat!

Nam bu toil leat a bhith nad oileanach, no ma tha thu airson tuilleadh ionnsachadh mu Ùlpan, cuir fios thugainn an seo.