Cairtean na Gàidhlig
Dè th' annta?
'S e càraid de chairtean lannaichte dà-thaobhach a th' annta, a nì mìneachadh air feadhainn de na puingean gramataigeach as dorra sa chànan. Bheir iad cobhair araon do dh'fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh.
Nach fhaigh mi an stuth seo ann am faclairean agus ann an leabhraichean gràmair?
Gheibh 's chan fhaigh. Tha am fiosrachadh seo ri fhaighinn ann an àiteachan eile ceart gu leòr, ach chan fhaighear a h-uile sian a tha seo ann an cruth cho dùmhail, a ghabhas giùlan gu furasta, agus sgrìobhte a-rèir GOCII. Seo feartan sònraichte eile:
- Bheir òrdachadh nan gnìomhairean ann an cumadh croise cobhair do luchd-ionnsachaidh mu ciamar a dh'aontaicheas no a dh'àicheidheas neach ri ceist dhìrich - comas deatamach a bhios ga fhaighinn doirbh aig mòran inbheach.
- Tha na diofar chruthan a rèir dualchainnt follaiseach, agus brosnaichidh seo earbsa a chur ann an ceartachd an litreachaidh.
- Tha feadhainn de na cruthan gu math tearc agus 's dòcha nach bi eòlas aig cuid orra. Tha sealladh iomlan de gach cruth a dh'fhaodadh nochdadh a' toirt liosta-tomhais do luchd-ionnsachaidh cho math ri iùl-sgrìobhaidh don a h-uile duine.
- Chaidh an dealbhachadh gus an cur gu snog ann am muinchill-plastaig am broinn ceangladair-fàinneach. Tha an dà thaoibh ceann gu bun gus am bi an teacsa soilleir ri leughadh, nuair a thiondaidhear an duilleag.
Càit an ceannaich mi iad?
Cuiridh sinn thugad gu dìreach sa phost iad, ma thogras tu (£4.50/càraid+postachd). Nach cuir thu òrdagh thugainn. Tha prìs mòr-reic ri fhaighinn cuideachd ma dh'iarras tu i. Air an làimh eile gabhaidh òrdaidhean a chur air loidhne gu Comhairle nan Leabhraichean no gabhaidh an ceannach aghaidh ri aghaidh anns a' bhuth aca: 32 Sràid Achadh a' Mhansa, Glaschu, G11 5QP; fòn: +44(0)141 337 6211; làrach-lìn: http://www.gaelicbooks.net.





