Thig a theagasg le Co-labhairt Sgilean Ùlpan!
Duine sam bith a tha miannach air Ùlpan a theagasg, tha aige ri cùrsa-trèanaidh an oide a thoirt gu buil ro-làimh. Tha seo na chùrsa a chaidh cruthachadh gu sònraichte gus na sgilean practigeach a tha riantanach ri teagasg ionnsachadh. An-dràsta, tha an cùrsa ga thabhann mar dà latha de thrèanadh-sgilean agus an uair sin, còig no sia làithean de theagasg còmhla ri fìor chlas, agus bidh seo ga mheasadh. Às dèidh a' chùrsa, tha e comasach do dh'oide clàraichte a bhith ga fhastadh air a cheann fhèin, no clasaichean a lìbhrigeadh às leth bhuidhnean san roinn phoblaich, a leithid de cholaistean agus de dh'ùghdarrasan ionadail.
9-10mh den Ògmhios, bidh sinn a' cumail an darna Co-labhairt Sgilean Ùlpan ann an Glaschu. Gheibhear cothrom an sin trèanadh-sgilean a dhèanamh, còmhla ri oidean-gu-bith eile air feadh an dà latha. Bidh bùithtean-obrach gan cumail, agus bithear an dùil gum frithealaich a h-uile duine gach fear dhiubh. Bidh biadh ann cuideachd ga toirt a-steach don aon phrìs. Aig a' cheann thall, bidh eòlas aig na h-oidean-gu-bith air na sgilean bunaiteach a dh'fheumas iad gus Ùlpan a theagasg. Sin a' chiad cheum.
'S e an dàrna cheum den trèanadh cothrom gus na sgilean a dh'ionnsaich iad aig a' Cho-labhairt a chur gu feum còmhla ri fìor oileanaich. Bidh seo a' tachairt fo stiùireadh trèanair Ùlpan. Cuidichidh an trèanair iad a leasachadh an cuid sgilean. Agus aig deireadh an trèanaidh, gheibh iad taic agus comhairle bhuainne ri fastaidhear a lorg no ri clasan a stèidheachadh gu neo-eisimeileach.
'S e £400 prìs an trèanaidh air fad. (Ma phàigheas companaidh no buidheann na cìsean as do leth, bidh aca ri VAT a phàigheadh a bharrachd.)
Bidh Co-labhairt eile ga chumail ann an Glaschu an 8-9mh den t-Sultain.
Ma tha ùidh agad a bhith a' trèanadh aig Co-labhairt Sgilean, no tro tè de na slighean eile gu teisteanas, nach bruidhinn thu ri:
Caoimhin Rodgers
0131 541 2126
kevin@ulpan.co.uk






