Teagasg
Thòisich an siostam teagaisg seo ann an Iosrael sna 1940s agus tha e air a bhith ga leasachadh on uair sin. An-diugh, tha ar nàbaidhean Ceilteach sa Bhreatainn Bhig agus sa Chuimrigh ga chleachdadh gu soirbheachail cuideachd. Tha gach seisean air a dhealbhachadh, gus an urrainn do neach aig nach eil teisteanas ann am foghlam a chuid Ghàidhlig a theagasg do dhaoine eile. Agus, le luchd-teagaisg neo-eisimeileach air feadh na dùthcha, tha pròiseact Ùlpan airson cothroman obrach a chruthachadh do Ghàidheil.
Tha a' ph rìs a' crochadh air an t-suidheachadh agad. Ma tha fastaidhear ann a bhios a’ toirt obair dhut 's a tha deònach do chosgaisean a phàigheadh, 's e £850 a' phrìs iomlan. Mar as àbhaist, bidh am fastaidhear ag iarraidh ort teagasg a dhèanamh dhaibh, fo chùmhnant goirid. Cuideachd, bheir sinn lasachadh mu 50% do neo-eisimeilich agus, mura h-eil thu a' cosnadh mòran (nas lugha na £22,000 sa bhliadhna), gabhaidh Tabhartas ILA de £200 a chleachdadh. Feuch gum bruidhinn thu rinn co-dhiù, oir 's àbhaist do dhòighean maoineachaidh eile a bhith ann agus bu toil leinn do chuideachadh le sin.
Faodaidh tu trèanadh cho fad 's a tha thu:
- nas sine na 17 bliadhna a dh'aois
- math sa Ghàidhlig le deagh bhlas (bhiodh comas sgrìobhaidh math cuideachd)
- gu mòr airson an cànan a theagasg
- math air a bhith a' conaltradh
'S e cùrsa gu tur practaigeach a th' ann le deagh mheasgachadh de sgilean ùra agus cothrom a bhith a’ sealltainn air daoine eile a' teagasg.
Coltach ri bhith ag ionnsachadh dràibheadh, 's fheàrr dhut tòiseachadh, agus clas (no clasaichean!) a chur air dòigh, cho luath 's a ghabhas às dèidh dhut teisteanas fhaighinn. Gheibh thu taic leantainneach bho Dhesieal gus fastaidhearan a lorg - a leithid Iomairtean Gàidhlig, colaistean ’s comhairlean - no gus clasaichean a chur air dòigh air do cheann fhèin. Ge bith dè as fheàrr leat, bidh an sgioba an-còmhnaidh deiseil gus do chuideachadh leis a h-uile sìon a thaobh teagaisg is rianachd.
Nam bu toil leat a bhith nad oide, no ma tha thu airson tuilleadh ionnsachadh mu Ùlpan, cuir fios gu Trèanadh Oidean.





